Buidheann-ghnìomh a' bruidhinn ris an MOD

Tuath-Gaoithe
Image caption Tha dragh air a' bhuidhinn-ghnìomha mu dìth adhartais le leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail.

Tha Buidheann-gnìomha Raon Rocaid Uibhist a' coinneachadh ri riochdairean bho Mhinistrealachd an Dìon is dragh orra gu bheil bacadh ga chur air leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail san sgìre.

A rèir na buidhne, bidh an MOD a' cur an aghaidh a h-uile iarrtais son cead-dealbhachaidh do thuathan-gaoithe ann an Uibhist 's Beinn nam Fadhla.

Thuirt a' bhuidheann-ghnìomha nach eil an MOD ag innse gu mionaideach dè tha aca nan aghaidh.

Thuirt Aonghas MacIlleMhaoil bhon bhuidhinn gu bheil iad a' sireadh soillearachaidh mun ghnothach.

Thuirt an MOD cheana gum bi iad a' coimhead air gach iarrtas son cead-dealbhachaidh mar chùis fa leth is gun dèan iad sgrùdadh air a' bhuaidh a bhiodh aig a' phròiseict air an obair aca.