Cead do bhùth ùir an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Pàirc Ghnìomhachas nan InnseaganTùs an deilbh, Dave Fergusson
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid a' bhùth ùr a thogail aig Pàirc Ghnìomhachas nan Innseagan an Inbhir Nis.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad don chompanaidh Aldi 'son bùth ùr a thogail ann an Inbhir Nis.

Chuir a' chompanaidh Ghearmailteach iarrtas a-steach 'son bùth ann am pàirce ghnìomhachais nan Innseagan is iad ag ràdh gun tèid suas ri 20 cosnadh a chruthachadh nuair a dh'fhosglas i, a bharrachd air obraichean togail.

Tha bùth aig a' chompanaidh mar thà air Sràid Telford sa bhaile.

Chleachd a' Chomhairle cumhachdan ùra gus cead a thoirt gun an t-iarrtas a bhith air a dheasbad ann an seòmraichean na Comhairle.

Thuirt Aldi gu bheil iad an dòchas gum fosgail a' bhùth ùr ro dheireadh na bliadhna air neo tràth ann an 2014.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh