Corp ga lorg an Steòrnabhagh
- Published
Thòisich Poilis a' Chinn a Tuath rannsachadh às dèidh mar a chaidh fireannach fhaighinn marbh ann an Steòrnabhagh Diardaoin.
Chaidh na poilis a ghairm gu sgire Cheann a' Bhàigh den bhaile timcheall air 2.00f Diardaoin.
Chiadh corp fireannaich a lorg air cùl flataichean sa sgìre.
Dh'innis na poilis gur e Uilleam Iain MacIain a bha 54.
Tha na poilis a-nise a' sgrùdadh dè thachair dha.
Aig an ìre seo, tha iad den bheachd nach eil dad amharasach mun chùis.
Tha na poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic Mgr MacIain anns na beagan làithean a chaidh.
Thèid rannsachadh post mortem a dhèanamh agus thèid aithisg a chur gu Neach Casaid a' Chrùin.
Chaidh fios a chur air teaghlach an duine.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh