Ceist mu leasachaidhean an Uibhist

Tuath-Gaoithe
Image caption Tha dragh air a' bhuidhinn-ghnìomha mu dhìth adhartais le leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail.

Thuirt Buidheann-gnìomha Raon Rocaid Uibhist nach eil iad ro dhòchasach mu leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail san sgìre, às dèidh dhaibh coinneachadh ri riochdairean bho Mhinistrealachd an Dìon.

Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh is dragh ann gu bheil an MOD tric a' cur an aghaidh iarrtasan son cead-dealbhachaidh do thuathan-gaoithe ann an Uibhist 's Beinn nam Fadhla.

Tha an MOD ag ràdh gu bheil cunnart ann gun toir cruinn-gaoithe buaidh air an radar aca aig Raon nan Rocaidean.

"Tha e nas duilghe builleach tha e coltach far a bheil an t-uamhas mhuilnean ann, beag no mòr, ann an sgìre meadhanach beag, is tha e nas duilghe dhaibh (an MOD) obrachadh", thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan.

Còmhnard

"Tha fios againn uile cho còmhnard sa tha Uibhist, chan urrainn dhut a dhol a' falach air cùl beinne ann an Uibhist idir.

"Tha sin a' ciallachadh nach eil mòran àiteachan ann an Uibhist far an urrainn dhut muilean-gaoithe a thogail aig an ìre seo.

Thuirt Mgr Robasdan gur e bristeadh-dùil a bh' anns a' choinneimh is gu bheil ceistean gu leòr ann a-nise mun bhuaidh air eaconomaidh an àite.

"Às dèidh na coinneamh an diugh tha mi ga fhaicinn uabhasach duilich rathad fhaighinn air adhart", thuirt e.

"Àig an ìre seo co-dhuibh, chan eil mi a' faicinn gu bheil dòigh ann a thig sinn air adhart.

"Bidh barrachd còmhraidhean againn ris an MOD mu dhèidhinn agus an dòchas gu bheil slighe air coireigin ann - ach chan eil mi dòchasach sam bith aig an ìre seo.

Obraichean

"Dhuinne mar choimhearsnachd tha sinn draghail mun eaconomaidh againn, tha an fheadhainn òga a' sìor fhalbh, is bha sinn a' faicinn dòigh air ionmhas fhaighinn a-staigh bho mhuilnean-gaoithe son leasaichean a dhèanamh ann an Uibhist, obraichean a chruthachadh.

"Chan eil fhiosam às dèidh seo - feumaidh sinn suidhe sios agus bruidhinn mu dhèidhinn sa choimhearsnachd fhèin", thuirt e.

Thuirt an MOD nach eil poileasaidh aca cur an aghaidh a h-uile pròiseict le muilnean gaoithe agus gum bi iad a' sgrùdadh gach iarrtas son cead-dealbhachaidh mar chùis fa leth.

Thèid coimhead ri rudan leithid am faic na ràdaran na cruinn a tha san amharc, agus ma chì, an toir sin buaidh air na radaran.

Thuirt iad gu bheil e an urra ris na buidhnean a tha a' cur air adhart nam pròiseictean mòlaidhean a dhealbh 'son dèiligeadh ri na draghan a tha an MOD a' togail.