Moladh ùr mun chonnadh
- Air fhoillseachadh

Tha e air tighinn am follais gum faodadh duine neo companaidh sam bith connadh a cheannach bho ionadan stòraidh ann an Steòrnabhagh agus Loch a' Chàrnain, agus a lìbhrigeadh do ghnothachasan air feadh nan Eilean Siar.
A rèir BhP na sgìre, Aonghas Brìanan MacNìll, tha fiosrachadh a fhuair e bho Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) a' sealltainn gum faodadh barrachd farpais a bhith san sgìre a thaobh a' chonnaidh agus prìsean nas ìsle an cois sin.
Tha mòran ghearainean air a bhith ann mu phrìsean anns h-Eileanan an Iar, agus mu mar a tha làmh an uachdar aig GB Oils.
Thàinig am fiosrachadh ann am freagairt litreach a fhuair Mgr MacNìll bhon OFT.
"Tha an OFT ag ràdh rium gum faodadh duine sam bith a dhol gu GB Oils agus Phillips 66 Connico agus iarraidh orra connadh a cheananch bho na tancaichean ann an Steòrnabhagh no Loch a' Chàrnain," thuirt e.
"Tha e fosgailte do dhuine sam bith a dhol agus a h-uile cead sàbhailte fhaighinn agus a dhol a thòiseachadh air an obair a tha seo.
"Bhiodh iad an uair sin fosgailte ri farpais anns a' mhargaidh fhèin agus bhithinn an dòchas nam biodh sin a' tachairt, gum biodh na prìsean a' tuiteam aig na pumpaichean," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair 2012