£3m do phròiseactan coille

  • Air fhoillseachadh
Slighe Taobh an Iar na GàidhealtachdTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an Riaghaltas airson 's gun tadhail barrachd dhaoine air coilltean na dùthcha.

Tha Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd agus Slighe a' Ghlinne Mhòir am measg na gheibh buannachd à taic-airgid luach £3m.

Thèid an t-airgead bho Riaghaltas na h-Alba a chosg air pròiseactan co-cheangailte ri coilltean na dùthcha, fo sgèith Choimisein na Coilltearachd.

Thuirt Ministear na h-Àrraineachd, Pòl Wheelhouse, gu bheilear ag iarraidh gun tadhail barrachd dhaoine air coilltean na h-Alba gus feum a dhèanamh dhiubh.

Thèid £1m den airgead a chosg air Slighe a' Ghlinne Mhòir, gus starranan ùra a chruthachadh agus obair a dhèanamh air an fheadhainn a th' ann.

Thèid £750,000 a chosg air leasachaidhean air Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd.

Thèid an còrr den airgead a chosg air pròiseactan nas lugha air a' Ghàidhealtachd, ann an Earra-Ghàidheal, Siorrachd Pheairt agus ann an Gall-Ghàidhealaibh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh