Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Dàibhidh Camshron a-rithist gum bi e gu buannachd Bhreatainn fuireach san Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Camshron, a bhios a' toirt òraid mhòir seachad an ath-sheachdain air ceist na h-Eòrpa, gu bheil esan gu math cinnteach gum faigh e an t-atharrachadh a tha e ag iarraidh ann an càirdeas Bhreatainn ris an EU. Ach thuirt e nach biodh e ceart referendum a chur air dòigh le roghainn eadar fuireach air neo falbh às an Aonadh.

Am Peinsean

Thuirt ministearan Riaghaltas na Co-bhanntachd gum bi 750,000 boireannach £9 san t-seachdain nas fheàrr dheth leis a' pheinsean ùr a tha iad airson a stèidheachadh ann an 2017. Bidh e stèidhichte aig £144 gach seachdain, an àite a' pheinsein de £107 a th' ann an-dràsta. Bidh 6,000,000 duine a' pàigheadh barrachd ann an Àrachas Nàiseanta.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha Banca na h-Alba ag ràdh gu bheil eaconamaidh na h-Alba a' tòiseachadh nas fheàrr ann an 2013 na bha i a' mhòr-chuid den bhliadhna an-uiridh. Dh'fhàs toradh na dùthcha air a' mhìos seo chaidh nas luaithe na aig ìre sam bith bho Iuchar an-uiridh. Tha sin an coimeas ri sgrùdadh eile a thuirt nach robh fàs sam bith anns a' chòrr de Bhreatainn air a' mhìos a chaidh.

Drochaid Cheasaig

Tha maill mhòr air dràibhearan ann an Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt le obair a tha a' dol air adhart air Drochaid Cheasaig. Tha aithrisean ann gu bheil trafaig na suidhe a-mach air an A9 gu cearcall-rathaid an Todhair, agus gu bheil feadhainn air a bhith nan suidhe sna càraichean aca gun gluasad bho 08:30m. Thuirt TransScotland, a tha os cionn na h-obrach, ri Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil làn-dùil aca gum bi an trafaig a' gluasad a-rithist gach taobh, deas is tuath, ro àm dinnearach.

Sneachda

Thuit sneachda trom ann am mòran de Roinn a' Mhonaidh sa mhadainn, a' cur maill air trafaig a bha a' siubhail aig an àm a bu trainge den là. Cha do thòisich i a' cur gu 08:00m, ach laigh an sneachda a bh' ann an dèidh sin.

Màli

Thuirt reubaltaich Ioslamach ann an ceann a tuath Màli ann an Afraga gun toir iad buille air "Cridhe na Frainge" mar fhreagairt air ionnsaighean a thug itealan Fraingeach air an sgìre sin. Tha itealan RAF a bha a' gluasad armachd agus shaighdearan air briseadh, agus chan fhàg i an Fhraing a-niste dhan ath-oidhche. Thuirt Rùnaire Dùbhlannach nan Dùthchannan Cèine, Dùbhghlas Alexander, gu bheil esan an dòchas gun gabh feachdan Afraganach àite nam feachdan Fraingeach a dh'aithghearr.