Maill mhòr air Drochaid Cheasaig
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Còmhdhail Alba air daoine an leisgeul a gabhail airson na dàil air dràibhearan air an t-slighe deas gu ruige Inbhir Nis air Drochaid Cheasaig sa mhadainn Diluain.
Thug cuid trì uairean de thide eadar an Todhar agus Inbhir Nis.
Thuirt a' bhuidheann, a tha ris an obair gu deas air an drochaid, gun do dh'èirich trioblaid ris nach robh dùil air an oidhche, 's gun tàinig orra an rathad a chumail dùinte sa mhadainn air adhbhran sàbhailteachd.
Dh'iarr Cathraiche Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, gealltanas nach tachradh e a-rithist.