Cumhachd an làin gu bhith a' fàs nas luaithe na cumhachd na gaoithe
- Air fhoillseachadh
Tha aithisg shònraichte a dh'fhoillsich an Comann Rìoghail a' cumail a-mach gun gabhadh 20% de dh'fheumalachdan dealain na Rìoghachd Aonaichte cruthachadh le cumhachd an làin.
Tha an aithisg, a chaidh fhoillseachadh Diluain, air pàipearan a sgrìobh àireamh de dh'àrd-luchd-acadaimigeach a tharraing ri chèile.
Tha luchd-poileataigs air targaidean mòra a chur mu choinneimh chumhachd ath-nuadhachail airson nam bliadhnaichean a tha ri teachd.
Thuige seo ge-tà, tha an teicneòlas a tha an lùib chumhachd an làin fhathast aig ìre thràith, gun a bhith air a dhearbhadh.
Tha an aithisg ag ràdh gun tig leudachadh air cumhachd an làin gu math nas luaithe na thig e air cumhachd na gaoithe.
'S ann air tuathan-gaoithe as motha a tha aire poileasaidh chumhachd Riaghaltas na h-Alba air a bhith, agus an teicneòlas sin air a thuigsinn gu ìre mhòir.
Tha àiteachan gu leòr air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan far an gabhadh buannachd a thoirt às an làn gus cumhachd a chruthachadh.
'S anns a' Chaol Arcach a tha sia de na prìomh dheich làraichean airson chumhachd an làin ann am Breatainn gu lèir.
Tha na h-uisgeachan mu Earra-Ghàidheal agus mu na h-Eileanan Siar cuideachd air am meas gu math freagarrach airson an teicneòlais.