Tubaist-rathaid air an A9
- Published
Thug trì charbadan-eiridinn còignear dhan ospadal oidhche na Sàbaid an dèidh tubaist le trì càraichean air an A9 faisg air an Aghaidh Mhòir.
Thachair an tubaist aig ceann-rathaid Ghrèanais, far a bheil an A95 a' coinneachadh an A9, goirid ro 5:00f.
Thàinig air luchd-smàlaidh uidheamachd ghearraidh a chleachdadh son dithis fhaighinn a-mach à aon de na carbadan.
Thugar iad gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ann an dà charbad-eiridinn.
Chaidh an triùir eile a thoirt dhan ospadal còmhla sa charbad-eiridinn eile.
Cha robh iad sin air an goirteachadh cho dona.
Dh'fhosgail na poilis an rathad an dèidh dà uair de thìde.