Taic Eòrpach son Iasgairean

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Gheibh daoine taic-ionmhais airson bàtaichean-iasgaich a cheannach fon sgeama Eòrpach.

Tha dùil gum bi sia bàtaichean ri iasgach a' mhuasgain-chaoil as ùr anns na h-Eileanan an Iar ro mheadhan na bliadhna.

Tha seo às dèidh dhan Roinn Eòrpa aonta a chur ri sgeama taic-airgid a chuir Comhairle nan Eilean Siar air bhonn airson ath-nuadhachadh a thoirt air an iasgach.

Ged nach eil na bàtaichean air an ùr-thogail tha iad nas fheàrr na mòran de na bàtaichean a tha anns na h-eileanan an-dràsta.

Tha an sgeama gu sònraichte son iasgairean aig a bheil bàtaichean mar thà ach a tha ag iarraidh tè eile a thèid na h-àite.

Sgeama-iasaid

Tha iasgairean nan Eilean Siar agus an t-ùghdarras ionadail air a bhith a' feuchainn ris an sgeama ionmhais seo a chur air chois bho chionn còrr is dà bhliadhna.

Tha an Coimisean Eòrpach a-nis air aontachadh gum faod e a dhol air adhart.

Fon sgeama gheibh iasgairean iasad-banca, le Comhairle nan Eilean Siar a' toirt barantais gun tèid an t-iasad a phàigheadh.

Bheir sin cothrom dha na h-iasgairean bàtaichean a cheannach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Donnchadh MacAonghais a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Chan fhaodar bàtaichean ùra a cheannach idir.

Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gur dòcha gum biodh seo a' ciallachadh gun deadh cuid de na bàtaichean as aosta a thoirt a-mach às a' ghnìomhachas.

Chaidh dhà tron sgeama mar thà, agus tha dùil gun tèid ceithir eile troimhe ron t-Samhradh

A rèir Mhgr MhicAonghais glacaidh na bàtaichean luach £1m dè mhuasgain-chaola, rud a chuireas taic ri obair-ghiollachd sna h-eileanan cuideachd.

Uallach

Thug e rabhadh seachad ge-tà, gum feum ceannsal a chumail air bàtaichean a' chosta sear, às dèidh do bhàtaichean à sin tighinn a-steach dhan Chuan Sgìth as t-Earrach a chaidh.

Rinn sin call air stoc a' mhuasgain-chaoil agus thug e còirichean glacaidh air falbh bho iasgairean nan eilean.

"Tha sin a' cur uallach oirnn," thuirt Mgr MacAonghais.

"Son a' bhliadhna a tha romhainn chan eil ceadaichte a ghlacadh aig Alba ach 2.5 mhillean de chilowatt-làithean.

"Chaidh glacadh 3.3 millean de chilowatt-làithean (an-uiridh) agus feumar peanas a ghabhail.

"Ron a seo 's e 2.8 millean a bh' againn agus feumar leudachadh a-mach a' bhliadhna son gum bithear cinnteach, neo bi peanas ri phàigheadh an ath-bhliadhna cuideachd," thuirt Mgr MacAonghais.

Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach nach tachair an leithid a-rithist ma tha iasgach a' mhuasgain-chaoil gu bhith seasmhach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh