Leaschadh air cidheachan Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Thèid leasachadh a dhèanamh air goireasan aiseige aig Tobar Mhoire, Cearrara agus Tairbeart Loch Fìn le taic-airgid de £2.7m a dh'ainmich Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown.
Bha Mgr Brown aig Comataidh Bun-Structar agus Calpachais Phàrlmaid na h-Alba Diciadain, agus iad a' deasbad plana an Riaghaltais airson na seirbheisean aiseig airson an ath-dheich bliadhna.
Thig an t-airgead bho stòras luach corr is £200m a chaidh a chomharachadh airson sgeamaichean bun-structair a mhaoineachadh air feadh Alba.
Thuirt am Mgr Brown gu bheil iad air £600,000 a chur mu seach airson caladh Thobar Mhoire ann am Muile far an tèid obair-càraidh a dhèanamh air a' chidhe.
Thèid an còrr den ionmhas a chleachdadh airson piseach a thoirt air seirbheis aiseig Chearrara agus airson port Tairbeart Loch Fìn a dhèanamh freagarrach airson aiseig ùir a tha an-dràsta ga togail aig Gàradh Shoithichean MhicFhearghais air Uisge Chluaidh.
Thuirt Mgr Brown gu bheil an Riaghaltas a' còmhradh ri muinntir Chearrara agus le Ùghdaras Caladh an Tairbeart mu na leasachaidhean a tha a dhìth, agus nach tèid co-dhùnadh a dhèanamh air na gheibh iad de dh'airgead gus an tig na còmhraidhean sin gu crìch.