Iomairt airson Chaisteil Chinn an Locha

Caisteal Chinn an Locha Image copyright SNH
Image caption Chosg an caisteal £15m a thogail ann an airgead an là an-diugh.

Tha iomairt ga cur air dòigh feuch Caisteal Chinn an Locha air Eilean Rùim a chumail aig ìre.

Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba gu bheil an aimsir air buaidh a thoirt air an togallach, 's gu bheil e feumach air an tuilleadh obair-càraidh, a dh' aindeoin gun deach còrr is £1m a chosg air màr thà.

Tha SNH airson eòlaichean agus daoine aig a bheil ùidh anns an togallach a thoirt còmhla gus bruidhinn air mar is fhèarr a ghabhas an caisteal a chumail ann an staid a fhreagras air luchd-turais is eile.

Chaidh an caisteal a thogail le fear a bha uair na uachdaran air an eilean, George Bullough, a bhuinneadh do Lancashire ann an Sasainn.

Thug e trì bliadhna a thogail, 's an obair air tòiseachadh ann an 1897, a' toirt cosnaidh do 300 luchd-ciùird.

B'e a' chiad dachaigh phrìobhaideach an Alba anns an robh dealan, agus sgeama hydro beag air a chur an sàs air Allt a' Choire Dhuibh, faisg air làimh.

Ann an airgead an là an-diugh, chosg an caisteal timcheall air £15m a thogail.

Cha b' ann airson fuireach ann a bha e ge-tà, ach na loidse-seilge, a' gabhail àite loidse nas bige a bh' ann roimhe.

Cha robh e ann an cleachdadh mar a bu mhiann leis an fhear a thog e ach suas gu toiseach a' Chiad Chogaidh Mhòir ann an 1914.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile