Moireach troimhe ann an Astràilia

Image caption Andaidh Moireach

Cha d' tug an t-Albannach ach uair a thìde is 41 mionaidean son an gnothach a dhèanamh air Sousa 6-2 6-2 6-4.

Thuirt Sousa ron gheama gun robh e an dòchas laigse a lorg ann an geama a' Mhoirich ach bha Moireach ro làidir bhon toiseach.

Ged a bha sìde theth ann am Melbourne, thuirt Moireach gu bheil e air cluich ann an sìde na bu dhuilighe.

"Cha robh i cho dona sin air a' chùirt. Nuair a bha a' ghrian a-muigh, bha i anabarrach teth. Nuair nach robh, bha i ceart gu leòr."

San treas cuairt, coinnichidh an t-Albannach, a tha clàrichte aig àireamh 3 san t-saoghal ri Ricardas Berankis a tha aig àireamh 110.

'S e cluicheadair a th'ann air a bheil am Moireach eòlach gu leòr.

"'S aithne dhomh cuid mhath mu dheidhinn.

"Rinn e math an seo roimhe, rinn e a chùis air Nalbandian, fhuair e dhan treas cuairt, tha e air a bhith mì-fhortanach is e air a bhith air a ghoirteachadh an dà bhliadhna mu dheireadh.

"Tha e air mòran den dà bhliadhna sin a chall, sin a tha a' fàgail nach eil e nas àirde anns na ranganan.

"Tha mi air tòrr trèanaidh a dhèanamh còmhla ris.

"Am bliadhna seo fhèin chluich mi còmhla ris ann am Brisbane - 'S e geama cruaidh a bhios ann."