Dragh nach tèid Càbal a' Chuain Sgìth air adhart
- Air fhoillseachadh

Tha eagal air aon de na buidhnean a th' airson tuath-gaoithe a leasachadh ann an Leòdhas nach tèid càbal-dealain a chur eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr.
Tha Urras Steòrnabhaigh agus AMEC airson tuath-gaoithe a thogail an iar-dheas air Steòrnabhagh.
Ach le fear de stiùirichean Scottish and Southern Energy a' togail ceist mu cho deiseil 's a tha luchd-leasachaidh pàigheadh airson leithid de chàbal, tha Siamarlan an Urrais, Iain MacÌomhair, ag ràdh gu bheil iad a' fàs iomagaineach nach tèid am pròiseact air adhart.
"Tha fìor eagal oirnn. Bha daoine 's dòcha a' dèanamh amadain dhuinn, nuair a bha sinn a' cantainn gun robh trioblaid ann, agus gun robh cunnart ann nach tachradh cùisean," thuirt Mgr MacÌomhair.
Tarraing a-mach
"Ach mar a tha an ùine a' dol seachad - agus 's dòcha nas cudromaiche, an ùine a' ruith a-mach - oir tha cosgaisean eile a' dol an-àirde, agus tha a' chosgais a bhios an Riaghaltas a' pàigheadh dhan fheadhainn a bhios a' cruthachadh dealain an cunnart tuiteam.
"Ma tha sin a' dol a chumail a' dol, agus mur a bi na càbalan againne anns an trì bliadhna a tha romhainn, tha e glè shoilleir gum bi daoine a' coimhead nas mionaidiche air na planaichean aca, agus 's dòcha gun tarraing iad a-mach.
"Tha eagal oirnn gun tachair sin, agus mur a tèid càil a dhèanamh ann an cabhaig, 's dòcha gur e sin an suidheachadh anns am bi sinn - a' faicinn a' chòrr den rìoghachd a' faighinn buannachd, coimhearsnachdan a' faighinn buannachd, agus na h-eileanan seo air am fàgail air deireadh," thuirt e.
Companaidh Cheadaichte
'S ann le SSE a dh'fheumas an càbal a bhith air a chur an sàs, ri linn 's gu bheil còirichean aig a' chompanaidh sin airson bun-structair cumhachd a chur an sàs.
Tha a' chompanaidh air cosgais a' phròiseict a dhùblachadh gu £800m, agus iad ag ràdh gu bheil doimhnead an rèisg air Tìr Mòr, tro am feum an càbal a dhol mus ruig e an loidhne mhòr aig a' Mhanachainn, nas doimhne na bha dùil an toiseach.
"Tha an siostam leis a bheil cothrom air a Ghriod air a cheadachadh, air a riaghladh le Ofgem, le taic bho reachdas an Riaghaltais Bhreatannaich," thuirt labhraiche bho Riaghaltas na h-Alba.
"'S e Scottish Hydro Electric Transmission Plc (SHE) (a tha na pàirt de SSE) a' chompanaidh aig a bheil cead dealan a sgaoileadh ann an ceann a tuath na h-Alba.
"Fon t-siostam sin, chan eil cothrom air buidheann eile a bhith a' cur a' chàbail fon mhuir an sàs, seach SHE."
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil an dàil a th' air tighinn air a' phròiseact na bhriseadh dùil.
Thuirt labhraiche: "'S e briseadh dùil mòr a th' anns an dàil agus a' mhì-chinnt do luchd-leasachaidh anns na h-Eileanan Siar.
"Choinnich Minister a' Chimhachd, Fearghas Ewing ri SSE na bu tràithe an t-seachdain seo, agus cumaidh an Riaghaltas Albannach orra ag obair leis a' ghnìomahchas agus le Ofgem, feuch fuasgladh eadar-amail fhaighinn gus ceangal a thoirt do bharrachd sgeamaichean ath-nuadhadhail, gus na ceangailichean maireannach a phutadh air adhart, agus gus dearbhadh gu bheil cothrom na Fèinne ga chur an sàs a thaobh cosgais an sgaoilidh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 Am Faoilleach 2013