Casg-astair ùr air Drochaid Cheasaig
- Air fhoillseachadh

Chaidh rabhadh a thoirt do dhràibhearan a bhios a' cleachdadh Drochaid Cheasaig tarsainn Chaolas Inbhir Nis, nach urrainn dhaibh a bhith a dol cho luath bho seo a-mach.
Thuirt Còmhdhail Alba gun tèid an casg-astair a ìsleachadh bho 70msu gu 50msu.
Bidh an casg-astair sin an sàs aon uair 's gum bi obair-càraidh air an drochaid, a thòisicheas air 11mh an Gearran, deiseil.
Thèid feansaichean ùra a thogail air an drochaid mar phàirt den obair-càraidh, agus thuirt Còmhdhail Alba gum feumar casg-astair nas ìsle ri linn sin.
Bidh an casg 50msu a' leantainn gus an ruigear cearcall-rathaid an Longman, far am bi seach-lèana ùr agus solais-thrafaig an sàs.
Fhad 's a tha an obair-càraidh a' dol air adhart, bidh casg-astair rè ùine de 30msu an sàs air an drochaid fhèin.