Alba: McGhee na leas-mhanaidsear

Dùil gun tèid ainmeachadh mar leas-mhanaidsear na h-Alba. Image copyright SNS
Image caption Marc McGhee

Se Marc McGhee a bhitheas na leas-mhanaidsear do choidse na h-Alba Gòrdan Strachan.

Chluich an dithis còmhla aig Obar Dheathain nuair a thog an cluba duais Eòrpach ann an 1983 is choisinn McGhee dà cheip Albannach.

Thuirt Strachan mu McGhee, "Chan ann a-mhàin gur e coidse air leth a th'ann am Marc ach duine air leth. Bidh a mhisneachd a bheir e leis na bhuannachd mhòir dhòmhsa agus don sgioba."

Bha McGhee na mhanaidsear aig na Dons mus do chaill e obair - bha sin mus deach McGhee gu Bristol Rovers far an do chaill e obair an sin air a mhìos a chaidh seachad.

Fhuair Strachan dreuchd na manaidsear aig toiseach na seachdaine as dèidh do Chraig Levein obair na manaidsear a chall aig toiseach an t-Samhain.

Thuirt McGhee, "se fìor urram a th'ann, is tha mi air leth pròiseal gun tug Gòrdan Strachan fiathachadh dhomh a chuideachadh mar leas-mhanaidsear na h-Alba."