Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Algeria

Nì Daibhidh Camshron òraid ann an Taigh nan Cumantan ann am beagan mhionaidean, 'son iomradh a thoirt air na tha a' tachairt ann an Algeria. Chan eil fhios dè a thachair do suas ri fichead Breatannach a th'air a bhith air dhìth bhon a thug saighdearan Algerianach ionnsaigh air ionad gas far an robh radaigich muisleamach air an luchd-obrach a thoirt am bruid. Agus thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil Oifis nan Dùthchanan Cèin a' cumail fiosrachaidh riutha mu na tha a' gabhail àite ann an Algeria. Thuirt neach-labhairt a' Phriomh Mhinisteir gu bheil ministearan bho gach riaghaltas air a bhi a' còmhradh ri chèile mun a' chùis.

Bùitean

Thàinig lùghdachadh de 0.1 air na chaidh a reic ann am bùitean Bhreatainn anns an Dùbhlachd. Thuirt Oifis nan Staitistg Nàiseanta, thairis air a' bhliadhna gu lèir, nach do dh'fhàs meanamh-reic ach 0.3% - an àireamh is ìsle airson ceithir bliadhna deug.

Iasgach

Thàinig còmhraidhean eadar ministearan iasgaich an Aonaidh Eorpaich agus Nirribhidh gu crìch tràth an-diugh sa mhadain le aonta nach tèid gearradh sam bith a dhèanamh air cuota an truisg am bliadhna. Thuirt Ministear Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochhead, gur e co-dhunadh math a tha seo do dh'iasgairean na dùthcha, agus gu bheil e a' cur ris an aonta fhàbharach a chaidh a ruighinn sa Bhruiseal air a' mhìos a chaidh.

Caomhann MacLeòid

Nì Coimiseanair Poilis na h-Alba sgrùdadh air mar a dhèillig Poilis a' Chinn a Tuath ri bàs fireannaich ann an Gallaibh bho chionn sia bliadhna deug. Chaidh corp Chaomhainn MhicLeòid - aois ceithir bliadhna thar fhichead - fhaighinn ann Caladh Inbhir Ùige ann an 1996. Cho-dhùin na poilis aig an àm gu robh e air tuiteam a-steach dhan chaladh. Ach tha teaghlach Mhgr MhicLeòid a' cumail a-mach gun deach a mhoirt.

Binn beatha

Chaidh binn beatha a chuir air fear a chaidh fhaighinn ciontach air casaid gun do mhort e fireannach san Lùnasdal a bhòn uiridh. Chaidh Uisdean Porteous - aois dà fhichead sa naoi - a mhort le Màrtain McGee, a chuir sgian tro chridhe as deidh dha bristeadh a-steach gu flat ann an Grianaig. A' nochdadh anns an àrd chùirt ann an Dùn Èideann, chaidh McGee, a tha naoi bliadhna deug thar fhichead, a chuir dhan phrìosan airson co-dhiù dà bhliadhna fichead.

Gòrdain MacMhathain

Chuir poilis aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin, a' cur as leth Ceannard Comhairle Bhaile Ghlaschu, Gòrdain MacMhathain, gun robh e air a bhith ri dol a-mach mì-bheusach le fireanach eile ann an sgìre Cathchart den bhaile 'san Dùbhlachd. Cho-dhùin an luchd-casaid gun a' chùis a' thoirt nas fhaide, 's iad ag ràdh nach robh fianais gu leòr ann gun deach an lagh a bhriseadh. Thuirt Mgr MacMhathain, a tha dà fhichead sa sia, gun robh e air e fhèin a leigeal sìos, agus thabhainn e leisgeal dha chèile.