Ceathrar marbh às dèidh maoime-sneachda an Gleann Comhann

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Northern Constabulary
Fo-thiotal an deilbh,
Rachel Majumdar, Christopher Bell, Una Finnegan agus Tom Chesters

Tha sreapadair, 24 bliadhna de dh'aois fhathast ìosal anns an ospadal ann an Glaschu an dèidh dhi a bhith air a goirteachadh gu dona mun cheann ann am maoim-sneachda ann an Gleann Comhann Disathairne anns an do chaochaill ceathrar den bhuidhinn san robh i.

Bha a' bhuidheann de shianar a' sreap air Bidean nam Bian, nuair a chaidh an glacadh sa mhaoim mu 2:00f.

Thathas den bheachd gun deach còignear den bhuidhinn leis a' bheinn nuair a bhris an t-earrann sneachda air an robh iad nan seasamh air falbh.

Fhuair an siathamh neach air iad fhèin a shàbhaladh le bhith a' leum bhon mhaoim agus a' stobadh làmhag-deighe an sàs.

Tha na poilis air an ceathrar sreapadairean a bhàsaich ainmeachadh.

B' iad Christopher Bell à Blackburn a bha 24, Tom Chesters, a bha 28, à Leeds agus Una Finnegan a bha 25 's a bhuinneadh do Chúil Rathain ann an Èirinn a Tuath, agus an Dr Rachel Majumdar, 29, à Leeds.