Rannsachadh air companaidh connaidh sna h-Eileanan Siar

Pumpa-peatroil
Image caption Tha daoine air a bhith a' gearain o chionn fhada mu chonnadh sna h-Eileanan Siar.

Chuir luchd-iomairt fàilte air an naidheachd gun dèan Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) rannsachadh air dòighean-obrach na companaidh connaidh GB Oils, leis a bheil Scottish Fuels, anns na h-Eileanan Siar.

Tha dragh mòr air a bhith ann gu bheil Scottish Fuels a' gabhail brath air an t-suidheachadh làidir aca anns a' mhargaidh.

Thuirt an OFT nach eil iad a' dol a thoirt sùil air prìsean àrda ach air gearraidhean chosgaisean agus pàigheadh a chaidh a thoirt seachad do dh'fheadhain a tha a' ruith stèiseanan connaidh anns na h-eileanan.

Tha an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a' ruith stèiseanan connaidh sna h-eileanan gu math toilichte gu bheil an rannsachadh a' dol air adhart.

Prìsean

"Ma tha an OFT a' dol a shealltainn ris gu domhain, gheibh muinntir nan eilean a-mach dè bha a' dol air adhart, 's dè bha a' tachairt, 's ciamar a bha e ag obrachadh," thuirt Gòrdan MacIllinnein, a tha a' reic connaidh air a' Bhac ann an Leòdhas.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a bhios ann.

"Tha mi a' creidsinn gum bi an OFT a' faicinn gu bheil prìsean an dèis tighinn a-nuas anns na h-eileanan bho thòisich sinn a bhith a' ceannach bho Highland Fuels, agus gum bi iad ag ràdh riutha fhèin 'uell, ciamar a tha sin a' tachairt a-nis, 's nach robh e a' tachairt ron a seo?'

"Chan eil fhios agamsa dè dh'adbharaich gun seall iad ris ach 's e rud math a th' ann gu bheil iad.

"Chan eil mise ag ràdh gun robh càil ceàrr, ach tha sùil aig daoine gun tèid sealltainn ris agus gun tèid a h-uile càil a thachair a chur air beulaibh dhaoine.

"Faodaidh daoine iad fhèin am beachd a dhèanamh an-àirde an robh e ceart no ceàrr," thuirt e.

Tha GB Oils ag ràdh gu bheil iad a' toirt feart air gu bheil an rannsachadh seo air tòiseachadh, 's gun toir iad làn-taic dha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile