Am Moireach seachad air Simon
- Air fhoillseachadh

Rinn Andaidh Moireach a' chùis air Gilles Simon airson àite fhaighinn anns a' chairteal chuairt dheireannaich de dh' Farpais Fhosgailte Astràilia.
Thàinig an t-Albannach am bàrr air an Fhrangach 6-3, 6-1, 6-3 ann am beagan is uair gu leth.
Cluichidh am Moireach a-nise Frangach eile, Jeremy Chardy, Diciadaoin.
Chan eil am Moireach air seata a chall 'san fharpais gu ruige seo is bha coltas ann gun robh e na b' aotroime air a chasan na Simon.
Mhair an geam mu dheireadh aig Simon - an aghaidh Gael Monfils - cha mhòr còig uairean a thìde is bha e soilleir gun robh seo air Simon a shàrachadh.
"Bha e doirbh ach sin mar a tha tennis anns na farpaisean Grand Slam", thuirt am Moireach às dèidh làimh.
"Tha na geamaichean cho trom ort as na làithean a th' ann is bha e 8-6 anns a' choigeamh seat an là roimhe is cha mhòir coig uair an uaireadair, 's mar sin bha e doirbh dha", thuirt e.
Coinnichidh Moireach ri Chardy san ath-chuairt as dèidh do Chardy an gnothach a dhèanamh air an Eadailteach, Andreas Seppi 5-7, 6-3, 6-2, 6-2.
"Rinn e (Chardy) gu math as an dà gheam a bhuinig e an seo, rinn e an gnothach air Del Potro, is bhuinig e an turas mu dheireadh a chluich mi na aghaidh ann an Cincinnati, 's mar sin 's e geam cruaidh a bhios ann", thuirt am Moireach.