Leasachadh £2m aig Gàradh Àranais ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Tha obair air tòiseachadh air leasachadh aig Gàradh Àranais ann an Leòdhas airson a dhèanamh nas goireasaiche do chompanaidhean ùra a bhiodh ag iarraidh gluasad a-steach.
Cosgaidh an obair-leasachaidh £2m.
Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gu bheil iad air a bhith ann an còmhraidhean le companaidhean ath-nuadhachail mu bhith a' gluasad ann.
Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil iad misneachail gun cruthaich seo cosnaidhean ùra anns na h-Eileanan Siar.
Cumhachd Ath-nuadhachail
'S e amas HIE gum bi iomadh companaidh ag obair ann an Gàradh Àranais, feuch eaconamaidh nan eilean a dhèanamh nas seasmhaiche.
"Tha sinn an dèidh a bhith an sàs ann an Gàradh Àranais a-nis bho chionn timcheall air deich bliadhna, ga thoirt air adhart bho phàirce far an robh aon chompanaidh an sàs ann mar ghàradh-ola, far am faigh sinn air obraichean a chruthachadh agus far am bi barrachd air aon chompanaidh an sàs," thuirt Donaidh MacAmhlaigh, a tha na stiùiriche air bun-structar aig HIE.
"'S e ceum cudromach eile a tha seo, far a bheil sinn a' cosg timcheall air £2m a' togail ìomhaigh na pàirce nuair a tha thu a' tighinn a-steach ann.
"Tha sinn cuideachd ag obair taobh a' chladaich dheth, agus a' cur dìon air. Ach 's e an rud as motha a tha sinn a' dèanamh, 's e a bhith a' cruthachadh làrach a tha timcheall air 15 acair, far am bi e deiseil do chompanaidhean tighinn a-steach, far am bi am bun-structar deiseil, agus mar sin dh'fhaodadh iad tòiseachadh nas luaithe na b'urrainn dhaibh mar a tha cùisean an-dràsta.
"Tha sinn a' coimhead anns a' chiad àite ri cumhachd ath-nuadhachail. Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil suidheachadh math aig Àranais airson cumhachd ath-nuadhachail, chan ann a-mhàin ann an Alba ach cuideachd air feadh an t-Saoghail.
"Tha an riaghaltas air inbhe a thoirt dha mar Sgìre Iomairt, agus tha sin a' toirt taic dha companaidhean a tha an sàs anns a' ghnìomhachas ma thig iad a dh'Àranais.
"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil cothrom mòr an sin airson obraichean a chruthachadh," thuirt e.
Càbal Dealain
Tha ceist Chàbal a' Chuain Sgìth, a bheireadh dealan bho sgeamaichean ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar gu ruige a' Ghriod Nàiseanta air Tìr Mòr, a' cur na h-uidhir de dhragh air Mgr MacAmhlaigh a thaobh a bhith a' leasachadh Gàradh Àranais.
Tha dàil air tighinn air an obair, agus chan eil e soilleir fhathast gun tèid e air adhart, leis a' phrìs a tha Scottish and Southern Energy - a chuireas an sàs e - a' cur air an obair air èirigh gu mòr.
"Tha buaidh mhòr aige air dòigh. Tha bun-structar de dhiofar sheòrsaichean a dhìth anns na h-Eileanan Siar, agus tha sinn a' faicinn gu bheil an càbal sin mar phìos cudromach de bhun-structar airson na h-obraichean a tha sinn ag iarraidh a chruthachadh a thoirt air adhart anns na h-eileanan.
"Mar as motha dàil a th' air sin, 's ann nas lugha a chì sinn anns a' chiad àite. Ach tha sinn an dòchas an dèidh sin nuair a thig an càbal a tha sin gun tig obraichean dha àiteachan mar Àranais agus air feadh nan eileanan air a sgàth sin," thuirt e.