Bliadhna as trainge aig an RNLI an Alba
- Published
Rinn an RNLI cobhair air barrachd dhaoine ann an Alba an-uiridh na rinn iad riamh roimhe.
Tha figearan bliadhnail na buidhne-carthannais a' sealltainn gun deach na criuthaichean saor-thoileach aca a dhèanamh cobhair air 1,055 duine ann an 2012. Ron a sin, b'i a' bhliadhna a bu thrainge aca 2006, nuair a rinn iad cobhair air 1,026.
Thuirt a' bhuidheann gun tàinig àrdachadh air na bha de dhaoine a chaidh a thogail far chreagan, à poll, no far àiteachan far an robh an làn air an glacadh.
Chaidh àireamh mhòr de na h-iomairtean, 386, a dhèanamh san dorchadas.
B'e an stèisean as trainge ann an Alba, airson an dàrna bliadhna sreath a chèile, Broughty Ferry, faisg air Dùn Dè, a chuir gu muir 103 turas, agus a rinn cobhair air 37 duine.
Air Ghàidhealtachd, b' e an stèisean a bu thrainge stèisean Cheasaig, san Eilean Dubh.
Bha an stèisean bàta-teasairginn as ùire ann an Alba, anns an Òb anns na Hearadh, cuideachd trang.
Chaidh an sgioba aca a ghairm a-mach 11 thuras bho chaidh fhosgladh sa Chèitean 2012, a' dèanamh cobhair air 25 duine.
Tha an stèisean sin fhathast aig ìre dheuchainn, agus tha dùil ri co-dhùnadh co-dhiù thèid a chumail fosgailte nas fhaide den bhliadhna.