Ceist mun Finlaggan
- Air fhoillseachadh

Nochd gearan nach eil an MV Finlaggan freagarrach son na seirbheis eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.
Tha am bàta air an t-slighe an-dràsta agus an soitheach àbhaisteach, MV Hebrides, ga cleachdadh ann an sgìrean eile fhad 's a bhios obair ga dèanamh air bàtaichean eile.
Bha na h-uidhir de thursan ann nach do sheòl am Finlaggan.
"Tha duilgheadasdan ann bho thòisich i leis a' chlàr-ama - tha e air a bhith doirbh dhi cumail ris," thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, a tha cuideachd na Iar-Chathraiche air Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar.
"Làidir"
"Chaidh na beachdan seo a chur gu math làidir thuca (Caledonian Mac a' Bhriuthainn) as t-samhradh
"Tha sinne a' call, tha mi a' creidsinn, an aiseig as fheàrr a th' aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn (MV Hebrides) agus bha i uabhasach cinnteach ann an droch shìde.
"Tha sinn air falbh bhon aiseag as fheàrr gu tè nach eil buileach cho math.
"Tha sinn toilichte gu leòr nam biodh an Finlaggan againn nuair a bhiodh an Hebrides a-staigh son obair-càiridh, ach an còrr den ùine b'fheàrr leinn an Hebrides a bhith againn fad an t-siubhail," thuirt e.
Iomairt
Thuirt Mgr Robasdan gun dèan a' choimhearsnachd iomairt gus nach tèid an Hebrides a chur air slighe eile air an ath-gheamhradh.
Chaidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn às àicheadh nach eil am Finlaggan freagarrach.
Dh'innis a' chompanaidh gur aithne dhaibh gun robh trioblaidean teicniceach ann leis a' Finlaggan nuair a thòisich i air an t-slighe agus gu bheil iad duilich mu dheidhinn sin, ach gu bheil iad air na trioblaidean a chur ceart.
A rèir Chal Mac 's e gu sìmplidh droch shìde - a bhiodh na dùbhlan do bhàta sam bith - a chuir stad air seiribheisean bhon uair sin.
Thuirt iad nach gabh iad ri càineadh sam bith mun cho-dhùnadh gus am Finlaggan a chur air an t-slighe, is gur e co-dhùnadh a ghabh iad gus an t-seirbheis as fheàrr a th' ann a thoirt seachad do choimhearsnachdan iomallach.