Dà bhliadhna co-dhiù mus togar sgoil Ghàidhlig am Port Rìgh

Bidh dà bhliadhna ann aig a' char as tràithe mus bi bun-sgoil Ghàidhlig agus ostal ùr ann am Port Rìgh.

Thèid iarraidh air comairlichean na Gàidhealtachd Diciadain am phròiseact a chur an lùib prògram calpa na Comhairle airson na bliadhna-ionmhais 2015/16.

Ach chan eil fios le cinnt fhathast cò as an tig an t-airgead airson a leithid.

Cosgaidh am phròiseact airson sgoil ùr agus ostail a thogail eadar £11-12m.

Tha a' Chomhairle an dùil gun tig mu £4m bho Riaghaltas na h-Alba a' fàgail beàrn mhòir a dh'fheumas an t-ùghdarras ionadail a choileanadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile