Sanasachd do Chaisteal Stiùbhairt

Farpais Fhosgailte na h-Alba Image copyright SNS
Image caption Chaidh Farpais Fhosgailte na h-Alba a chumail aig Caisteal Stiùbhairt faisg air Inbhir Nis son a' chiad uair ann an 2011.

Thèid Farpais Fhosgailte na h-Alba aig Caisteal Stiùbhairt anns an t-samhradh a chraoladh air telebhisean anns na Stàitean Aonaichte.

Thàinig a' chompanaidh a tha a' cur taic ris an fharpais, Aberdeen Asset Management, gu aonta leis a' chraoladair Aimeireaganach, NBC, gus an fharpais a chraoladh anns na Stàitean ann an 2013 is 2014.

Bidh farpais 2014 ann aig Cluba Goilf Rìoghail Obar Dheathain.

Mar phàirt den aonta gheibh Riaghaltas na h-Alba cothrom sanasachd a dhèanamh son Alba air NBC eadar an golf fhèin a bhith air an t-sianal.

"Tha an t-aonta seo a' fàgail gur i Farpais Fhosgailte na h-Alba a' chiad fharpais a th' air Cuairt na h-Eòrpa gu cunbhalach a bhios a' nochdadh air tè de phrìomh stèiseanan nan Stàitean Aonaichte," thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond.

"Milleanan Mòra"

"'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo airson goilf na h-Alba agus cothrom air leth gus a' Ghàidhealtachd - agus an golf sònraichte aig Caisteal Stiùbhairt - a shealltainn dha na milleanan mòra anns na Stàitean," thuirt e.

Chaidh Farpais Fhosgailte na h-Alba a chumail aig Caisteal Stiùbhairt 'son a' chiad uair ann an 2011.

Bhuannaich Luke Donald ach cha robh ach trì cuairtean ann air a' cheann thall às dèidh do dh'uisge air leth trom sgrios a dhèanamh air an fharpais.

Bha cùisean na bu shoirbheachail ann an 2012 le sìde gu math nas fheàrr.

B' e Jeev Milkha Singh às na h-Innseachan a bhuannaich an fharpais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile