Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum an Aonaidh Eòrpaich

Gheall Dàibhidh Camshron, ma 's e agus gun glèidh na Tòraidhean an ath-thaghadh coitcheann referendum air am bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte fuireach anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt am Prìomhaire na òraid sa mhadainn an-diugh gun dèan riaghaltas Tòraidheach aonta as ùr mu bhallrachd Bhreatainn san EU, gus am bi càirdeas ùr nas sùbailte ann, agus nas fhreagarraiche, le referendum air sin ro dheireadh 2017. Thuirt e gu bheil amaladh poileataigeach san Roinn Eòrpa air slighe nach eil comhfhurtail do Bhreatainn. Ach rinn e follaiseach gun dèan e a uile dhìcheall Breatainn a chumail san aonadh nuair a bhitheas referendum ann.

Cha b'fhada gus an tàinig beachdan air òraid Mhgr Chamshron. Thuirt Ministear Cèin na Frainge, Laurent Fabius, gu bheil seo cunnartach do Bhreatainn, le rabhadh gum biodh cùisean doiribh dhan dùthaich air taobh a-muigh an aonaidh. Thuirt na Làbaraich gum bi bliadhnaichean de mhì-chinnt ron referendum a' cur bacadh air airgead-leasachaidh à dùthchannan eile, agus dona dhan eaconamaidh. Thuirt Mèar Lunnainn, Boris Johnson, gu bheil Dàibhidh Camshron cho ceart 's a ghabhas, agus gu bheil làn-àm ann beachd mhuinntir Bhreatainn fhaighinn air ceist na h-Eòrpa, leis gu bheil cha-mhòr 40 bliadhna ann bho fhuair iad an cothrom sin mu dheireadh.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach eil tuigse aig Dàibhidh Camshron air ceist na h-Eòrpa. Thuirt e gu bheil an òraid a' lagachadh beachd nan Tòraidhean gum biodh Alba neo-eisimeileach na cunnart do bhallrachd Bhreatainn anns an Eu. Thuirt Mgr Salmond gu bheil e follaiseach a-niste gur iad na Tòraidhean fhèin a tha ag adhbharachadh mì-chinnt oir gu bheil taic an SNP do bhallrachd san EU gu math soilleir.

Cion-Cosnaidh

Thuit àireamhan cion-cosnaidh 37,000 air feadh Bhreatainn anns na trì mìosan gu deireadh na Samhna, gu 2,449,000. Sin an ìre as ìsle bho Earrach ann an 2011. Bha an àireamh an Alba sìos cuideachd mu 14,000 gu 206,000. Ach bha an àireamh Albannach aig a bheil cosnadh sìos cuideachd 1,400, gu 137,000. Tha ìre chion-chosnaidh na h-Alba aig 7.8%, beagan nas àirde na an ìre nàiseanta.

Sneachda

Tha mu 60 sgoil an Alba, a' mhòr-chuid dhiubh ann an Siorrachd Obar Dheathain, dùinte leis an t-sneachda an-diugh. Thuirt Poilis Roinn a' Mhonaidh nach eil cùisean cho doirbh do dhràibhearan 's a bha iad an-dè 's a' bhòn-dè, ged a tha na h-uidhir de rathaidean anns an sgìre fhathast dùinte.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Bidh dà bhliadhna ann air a' char as tràithe mus bi bun-sgoil Ghàidhlig agus ostal ùr ann am Port Rìgh. Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach an-diugh am pròiseact a chur sa phrògram chalpa airson 2015/16. Ach chan eil fios cò às a thig an t-airgead. Cosgaidh am pròiseact airson sgoil ùr agus ostal eadar £11m agus £12m. Tha a' Chomhairle an dòchas mu £4m fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, ach tha sin gam fàgail gu math gann air na bhiodh a dhìth.