NHS na Gàidhealtachd duilich mu bhàs euslaintich

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Chaidh am boireannach fo lannsa, ach cha d'fhuair i an cùram air an robh i feumach air dhi an t-ospadal fhàgail.

Thabhainn NHS na Gàidhealtachd leisgeul airson mar a chaidh cùram boireannaich a bhàsaich às dèidh dhi a dhol fo obair-lannsa a làimhseachadh.

Bhàsaich am boireannach aig Ospadal an Ràthaig Mhòir san Lùnastal 2011.

Chaidh a bàs a rannsachadh le Oifis Ombudsman nan Seirbheisean Poblach Albannach, a th' air gabhail ri dà ghearain mu Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Chaidh am boireannach fo lannsa ri linn trioblaid le fàireag a' mheòig aice.

Ach air dhi an t-ospadal fhàgail cha d'fhuair i cùram freagarrach air an robh i feumach, leithid cùram a thaobh na bha i a' faighinn de bhiadh agus deoch.

B'fheudar dhi an uair sin tilleadh dhan ospadal, far an do bhàsaich i às dèidh mar a thàinig duilgheadas oirre le bhith a' tarraing a h-anail. Thàinig cuideachd an grèim oirre.

Cha deach ainm a' bhoireannaich fhoillseachadh.

Thuirt Àrd-Oifigeach NHS na Gàidhealtachd, Elaine mead, gun robh iad duilich dha-rìribh nach deach an cùram a bha freagarrach agus aig ìre a thoirt dhan bhoireannach.

Thuirt i cuideachd gun tarraingeadh am Bòrd Slàinte leasanan às a' chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile