Am Moireach seachad air Chardy

As an iar-chuairt deireanach
Image caption Chaidh am Moireach air adhart gu furasta.

Ràinig Andaidh Moireach an iar-chuairt dheireannach de dh'Fharpais Fhosgailte Astràilia nuair a rinn e a' chùis air Jeremy Chardy 6-4, 6-1, 6-2.

Chan eil an t-Albannach air seata a chall san fharpais fhathast, às dèidh dha còig geamaichean a chluich.

Rinn am Moireach an gnothach air Chardy gu sgiobalta ann an dìreach uair de thìde is 51 mionaid.

Bidh dùil aig a' Mhoireach a-niste ri geama tòrr nas duilighe san ath-chuairt an agahidh Federer as dèidh do Federer a chùis a dhèanamh air Jo-Wilfried Tsonga ann an 5 seataichean.

"Bha mi a' cluich gu math ron fharpais seo," thuirt e.

"Chan eil mi air seata a chall an seo fhathast, dh'fhaodadh gu bheil mi an dùil gun dèan mi gu math. Tha mi air dèanamh gu math san fharpais seo gu ruige seo.

"Tha mi den bheachd gum feum thu earbsa a bhith agad annad fhèin gun cluich thu tennis nas fheàrr nuair a tha thu fo uallach," thuirt e.

Ged a tha am Moireach clàrichte aig àireamh 3 san t-Saoghal, is Chardy aig àireamh 36, b' e Chardy a bha air an geama mu dheireadh eadar an dithis a bhuinig, ann an Cincinnati an-uiridh.

Ach tha an t-Albannach air a bhith a' cluich gu math am bliadhna seo is cha robh mòran coltais ann gun cailleadh e ann an aghaidh Chardy an turas seo.

Gabhaidh an ath-gheama aig a' Mhoireach àite fo na solais oidhche Haoine.