Barrathon 2013

Barrathon Image copyright www.barrathon.org.uk
Image caption Chan eil ach 250 àite ann airson na rèise.

Dh'fhalbh a h-uile àite son an leth-mharathon ris an canar am Barrathon gu math fhèin sgiobalta.

Gabhaidh Barrathon àite ann an am Barraigh air an 29mh den t-Ògmhios.

Chaidh na h-àitichean a ghabhail uile anns na 6 mionaidean às dèidh do làrach-lìon a' Bharrathon an clàradh fhosgladh aig 7:30f Dimàirt.

Thàinig sin às dèidh don chlàradh fosgladh do mhuinntir Bharraigh bho chionn cola-deug, 's chaidh 50 àite a ghabhail aig an àm sin.

Bha Cathriche Comataidh a' Bharrathon, Ceitidh NicNèill, air Spòrs na Seachdain Disathairne is mhìnich i an ùidh a th' anns an rèis a tha seo.

"Tha 1,300 again air a' mhailing list' a' feitheamh ach chan eil againn de dh'àitichean ach 250', tha sin car ag innse dhut na bheil a' feuchainn ri faighinn a-staigh dhan rèis againn", thuirt i.