Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Camshronach

Choinnich Dàibhidh Camshron ri ceannardan Eòrpach eile an-diugh airson a' chiad turas bho gheall e referendum air am bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte fuireach anns an EU. Dh'innis am Prìomhaire do Forum Eaconomach na Cruinne ann an Davos san Eilbheis gum feum na dùtchanannan mòra dèiligeadh ris na fiachan a tha orra, agus gum feum an Roinn Eòrpa barrachd farpais a dhèanamh ann an saoghal a tha a' sìor atharrachadh.

Referendum Eòrpach

Thuirt Ministear na h-Eòrpa, Dàibhidh Lidington, gum bi fiosrachadh mionaideach anns an ath-mhanifesto Tòraidh mun dòigh san obraich a' phàrtaidh aonta às ùr air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach mus biodh referendum ann, ann an 2017, air àite na rìoghachd anns an EU. Dh'aidich e gum faodadh, a rèir 's na thachras ann an referendum neo-eisimeileachd na h-Alba an ath-bhliadhna, Alba a bhith a' gabhail ballrachd san EU fhads a bhiodh na bhiodh air fhàgail den Rìoghachd Aonaichte, a' tighinn a-mach às an aonadh.

IMF

Thuirt Àrd Oifigeach na Maoin Airgid Eadar-nàiseanta, Olivier Blanchard, gum feum Riaghaltas Bhreatainn gabhail an air socair le gearraidhean agus cùmhnadh airgid mura tig piseach air an eaconomaidh a dh'aithghearr. Thuirt Mgr Blanchard gun toir am buidseat sa Mhairt deagh chothrom dhan t-seansalair beachdachadh air sin.

In-imirich

Thuirt Àrd Inspeactor na h-In-imiriche nach eil leisgeul sam bith ann airson 16,000 do chùisean ris nach do dhèilig Buidheann nan Crìochan a-riamh. Tha cuid de na tagraidhean, bho dhaoine a tha ag iarraidh tighinn a Bhreatainn còmhla ri mnathan neo na fir, a' dol air ais còrr is deich bliadhna. Chaidh cead a dhiùltadh do 14,000 dhiubh sin, a dh'iarr an dèidh sin air Buidheann nan Crìochan sùil eile a thoirt air an iarrtas. Thuirt Ministear na h-In-imiriche, Mark Harper, gur e iarrtas neo-fhoirmeil a rinn na daoine sin agus gum bu chòir dhaibh a bhith air a dhol tron phròiseas oifigeal.

NHS

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba muillean not eile ri fasdadh tuilleadh consultants a bhios ag obair aig roinnean tubaist 's èiginn anns na h-ospadail. Tha bùird NHS ag innse gu bheil barrachd dhaoine ag iarraidh cobhair mheidiceach leis na th' ann de flu, norovirus agus tinneasan eile aig an àm seo den bhliadhna. Tha ministearan an riaghaltais agus dotairean ag obair air plana èiginn an-dràsta mu choinneimh sin.