Loch Carran sìos gu Lìog 3

  • Air fhoillseachadh
Loch CarranTùs an deilbh, WILLIE MAIR
Fo-thiotal an deilbh,
'S e ceum air ais a bhiodh ann do Loch Carran ach tha iad an dòchas gur e dòigh a bhiodh ann tilleadh air ais gu àrd ìre nas làidire na bha iad.

Dhearbh Comann na Camanachd gu bheil iad a' beachdachadh air iarrtas bho Loch Carran a dhol bho dhà sgioba gu dìreach aon - a bhiodh a' cluich ann an Lìog Tuath 3.

Bha a' chiad sgioba aig na Carranaich a' cluich ann an Liog Tuath 1 agus an darna sgioba san treas roinn, ach tha an cluba ag ràdh gu bheil gainnead chluicheadaran na thrioblaid dhaibh, is gu bheil iad ag iarraidh toiseach-tòiseachaidh ùr aig an ìre as ìosaile.

Bha Loch Carran sa Phrìomh Lìog eadar 2002 is 2007 ach tha iad air a dhol air ais bhon uairsin, is na nàbaidhean aca Ceann Loch Seile air àite a ghabhail mar phrìomh sgioba na sgire.

"Bha e doirbh dhuinn dà sgioba a chur a-mach a h-uile seachdain air a' bhliadhna a dh'fhalbh", thuirt Donaidh Moireasdain, a b'abhaist a bhith air comataidh a' chluba.

"Tha mòran den chiad sgioba a' teannadh air 40 bliadhna a dh'aois no eadar 40 is 50 is tha sinn den bheachd gu bheil an t-àm aig an òigridh teans fhaighinn cluich dhan sgioba.

"Cruaidh"

"Tha Lìog Tuath 1 gu math cruaidh is cha robh iad a' smaoineachadh gun robh e math dhan òigridh a bhith am measg sin.

"Mar sin, dh'aontaich iad gun deigheadh iad gu aon sgioba anns an treas roinn", thuirt e.

Rinn Loch Carran an aon rud anns na 90an agus dh'èirich iad bhon lìog as ìosaile dhan Phrìomh Lìog.

Tha iad an dòchas gun tachradh an aon rud a-rithist.

"An sgioba a thòiseachas còmhla agus a dh'fhàsas còmhla - tha dùil againn gun dèan iad math anns na bliadhnaichean a tha romhainn, mar a rinn sinn fichead bliadhna air ais", thuirt Donaidh.

Ro mhath

Bidh cuid draghail gum bi sgioba à Loch Carran le feadhainn a bha an-uiridh a' cluich ann an Lìog Tuath 1 fada ro mhath son a' chòrr ann an Lìog Tuath 3.

Thuirt Donaidh ge-tà nach eil na Carranaich idir a' smaointinn gum bi cùisean furasta dhaibh san lìog as ìosaile.

Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad an dùil gum foillsich iad na tha iad a' dol a dhèanamh mun chùis an ath-sheachdain.

Bidh aca ri co-dhùnadh cuideachd dè nì iad mu Lìog Tuath 1.

Cha robh ach seachd sgiobaidhean san lìog an-uiridh is chluich na sgiobaidhean an aghaidh a chèile trì tursan.

Bha Comann na Camanachd fhathast gun co-dhùnadh ciamar a làimhsicheadh iad an gnothach am bliadhna, ach ma tha dìreach sia sgiobaidhean anns an fharpais cha bhiodh mòran roghainn aca ach na sgiobaidhean a bhith a' cluich a chèile trì tursan a-rithist.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh