Sreapadair air ainmeachadh
- Published
image copyrightAnglia Press Agency
Dh'ainmich Poilis a' Chinn a Tuath sreapadair a bhàsaich an dèidh dha tuiteam air Beinn Nibheis Disathairne.
B'e Ben St Joseph, a bha 22 agus a bhuinneadh do dh'Essex ann an Sasainn.
Thathas a' tuigsinn gun robh e a' sreap na aonar air a' bheinn nuair a thuit e mu 100 meatair (330tr) bho Tower Ridge gu clais a bha foidhe.
Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn mu 11:00m Disathairne, le buidheann de shreapadairean a bha san sgìre aig an àm, agus a chunnaic e 's e a' tuiteam.
Thèid aithisg air a' chùis a thoirt do Neach-casaid a' Chrùin.