Caidheagan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Turasachd-mara ga brosnachadh

28 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha pròiseact eadar-nàiseanta a' ruith ann an Earra-Ghàidheal an-dràsta, a tha ag amas air turasachd-mara a bhrosnachadh.

Chaidh am proiseact, "Malin Waters", a stèidheachadh le buidhnean à Alba, Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann ann an oidhirp gus barrachd luchd-turais a thàladh gu cur-seachadan aig muir.

Thèid sreath de bhùithdean-obrach a chumail air a' Ghàidhealtachd 'son cothrom a thoirt do chompanaidhean ionadail buannachd fhaighinn às a' phròiseact.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.