BBC Naidheachdan

Obair no ionnsachadh dhan òigridh

Published
Tha barrachd òganach à Earra-Ghàidheal is Bòd an ceann an cosnaidh, ann am foghlam no a' trèanadh às dèidh dhaibh an sgoil fhàgail, a rèir àireamhan airson 2011/2012.
Tha an àireamh aig còrr air 90% agus tha sin os cionn na h-ìre chumanta airson Alba.
Thuirt comhairle na sgìre gu bheil na figearan a' sealltainn gu bheil an iomairt aca airson sgoilearan a chuideachadh ag obrachadh.
Tha an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil iad air a bhith ag obair le gnìomhachasan, luchd-trèanaidh, an Riaghaltas is eile, is iad a' feuchainn ris a' phoileasaidh "Opportunities for All" aig Riaghaltas na h-Alba a chur an sàs.
Tha am poileasaidh sin ag amas air àite ann am foghlam no trèanadh a thoirt dhan a h-uile duine a tha eadar 16 agus 19.
Thuirt an t-Àrd-Chomhairliche airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-bheatha aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Breslin, gu bheil na figearan a' toirt togail dhan ùghdarras.