Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-sireadh Cosnaidh

Chaidh fhàgail air companaidh Albannaich a tha an sàs ann an sgeama an riaghaltais gus obraichean a lorg do dhaoine a tha gun chosnadh gun tug iad "mèirich bhreugach" air an fheadhainn a tha iad a' feuchainn ri chuideachadh. Dh'innis neach a b'àbhaist a bhith ag obair do Triage Central gur e sin an dòigh anns am biodh luchd-obrach a' bruidhinn mu dhaoine - casaid a tha a' chompanaidh a' dol às àicheadh. Thàinig seo mar phàirt de rannsachadh a' BhBC a thèid a chraoladh a-nochd fhathast.

Seirbheisean Slàinte

Thèid sgeama pìolat a chur air dòigh airson measadh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr air seirbheisean slàinte a thabhainn ann an sgìrean iomallach. Foillsichidh Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, an sgeama ùr 's e ann an Cille Chòmhghain an-diugh. Tha dùil gun tèid cuideam a chur air airgead a chur an dàrna taobh airson seirbheis taobh a-muigh nan amannan àbhaisteachd dhan choimhearsnachd a ghlèidheil san ùine fhada. Chaidh sgeama a chur air dòigh roimhe a' cleachdadh luchd-cobhair meidigeach bhon choimhearsnachd fhèin, ach tha ceist ann a-nis mu choinneimh na seirbheis, agus an t-airgead air a shon a' crìochnachadh anns a' Mhàrt.

Port-adhair Preastabhaig

Chaidh innse gum bi a' companaidh WizzAir a' stad a bhith a' cleachdadh Phort-adhair Phreastabhaig. Cha bhi a-nis ach aon chompanaidh a tha a' giùlain luchd-siubhail a' cleachdadh a' phuirt-adhair. Dh'innis WizzAir, a tha a' ruith sheirbheisean eadar Alba agus a' Phòlainn, gum bi iad a gluasad gu bhith a' cleachdadh Phort-adhair Ghlaschu.

Rèile Luath

Dh'iarr ceannardan comhairle ann an Glaschu agus Dùn Èideann fios anns an aithghearrachd mu cuin a thig loidhne-rèile aig àrd-astar a dh'Alba. Tha Riaghaltas Bhreatainn air a bhith a' foillseachadh am planaichean airson na h-ath-shlighe-rèile aig àrd-astar a bhios a' ruighinn Manchester agus Leeds. A rèir an fheadhainn a tha a' cur taic ri loidhnichean-rèile àrd-astair, cha tig na buannachdan a thaobh na h-eaconamaidh agus na h-àrainneachd mur a bheil Alba mar phàirt den lìonra.

Liam Aitchison

Thìd co-dhùnadh le britheamh nas fhaide den là am bi e ceadaichte camarathan telebhisein a bhith an làthair aig cùis-lagha dithis fhireannach a tha fo chasaid Liam Aitchison a mhurt. Tha Jonathan MacFhionnghain, a tha 22, agus Stefan Millar a tha 21, fo chasaid gun do mhuirt iad an deugaire Liam Aitchison anns na t-Samhain 2011.

Braisil

Tha trì làithean de chaoidh oifigeil air tòiseachadh ann am Braisil às dèidh mar a bhàsaich còrr is 200 duine ann an teine ann an club-oidhche oidhche Shathairne. B'e oileannaich a bh' anns a' mhòr-chuid de na daoine a bha am broinn a' chluba. Chaidh aithris gun do thòisich an teine nuair a chuir ball de chòmhlan-ciùil a bha a' cluiche aig a' chlub-oidhche flèar thuige air an àrd-ùrlar.