Boireannach a-nis "seasmhach" às dèidh maoime-sneachda
- Published
image copyrightNorthern Constabulary
Tha boireannach a thàinig beò à maoim-sneachda ann an Gleann Comhann a mharbh ceathrar a bha còmhla rithe, fhathast san ospadal, ach tha a suidheachadh a-nis air cothromachadh, ged a tha i fhathast ìosail.
Buinnidh am boireannach, a tha 24, do Cho. Durham ann an Sasainn, agus tha i air a bhith ann an Ospadal an Southern General ann an Glaschu bho thàinig a' mhaoim a-nuas air a' bhuidhinn de sreapadairean leis an robh i air 19mh am Faoilleach.
Chaidh an Dr Rachel Majumdar, à Merseyside; Christopher Bell, à Blackburn; Una Finnegan à Co. Dhoir ann an Èirinn a Tuath, agus Tom Chesters, à Sidmouth ann an Devon a mharbhadh air Bidean Nam Bian.
Thàinig an siathamh sreapadair, a tha na fhireannach, às beò cuideachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 21 Am Faoilleach 2013