Dòchas ùr mu SAC
- Air fhoillseachadh

Thuirt a' bhuidheann SHAMED, a tha ag iomairt an aghaidh Sgìrean Glèidhte Mara (SAC), gu bheil dòchas ùr aca às dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn mu mar a bhios na sgìrean gan riaghladh.
Thàinig am fiosrachadh ann am brath-naidheachd bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH), is iad ag ràdh nach iadsan a bhios a' stùireadh sgìrean SAC ach na daoine a tha ag obair is a' fuireach mu thimcheall orra.
Thuirt SHAMED gun deach seo a thaisbeanadh le Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Riseard Lochead, ann an Steòrnabhagh air an t-seachdain seo chaidh, nuair a thuirt e gum bu chòir do choimhearsnachdan a bhith a' stiùireadh nan sgìrean.
"Tha sinn fhathast an aghaidh an SAC ann an Caolas Bharraigh, agus cuideachd a' sabaid an aghaidh na tè a tha taobh an ear Mhiughlaigh," thuirt Aonghas MacLeòid bhon bhuidhinn.
"Chan eil na coimhearsnachdan air an son. Tha fhios againn gu bheil e a' dol a dhèanamh milleadh air an àite a thaobh obair agus beò-shlaint agus beartas nan daoine.
"Ach mar a tha tuigse againn air seo, 's e, tha mi an dòchas gum bi sinn a' gluasad air dòigh beagan nas glice na na dòighean a th' air a bhith aca airson na sgìrean glèidhte a tha seo a riaghladh o chionn iomadach bliadhna.
"Tha mi an dòchas gu bheil iad air a bhith ag èisteachd ris na tha sinn ag ràdh, agus mu dheireadh a' toirt feart do na beachdan aig na daoine," thirt e.