Dragh mu ionad mara ann an Cumaradh

Millport Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S ann fo sgèith Oilthigh Lunnainn a tha an t-ionad a-nis.

Tha eagal air muinntir Chumaraidh Mhòir ann an Linne Chluaidh gum fulaing eaconamaidh an eilein buile eagalach ma dhùineas ionad rannsachaidh mara.

Tha mu 30 duine air am fastadh san ionad an-dràsta, 's chaidh innse dhaibh gun tèid a dhùnadh mur a tèid còrr is £500,000 sa bhliadhna a lorg airson a chumail a dol.

Tha ionad rannsachaidh mara air a bhith ann am Millport air eilean Chumaradh o chionn còrr is ceud bliadhna, agus e a-nis fo sgèith Oilthigh Lunnainn.

Tha e a' toirt cothrom do chòrr air 2,000 oileanach agus neach-rannsachaidh bhon Rìoghachd Aonaichte agus air feadh na Roinn Eòrpa.

Tha eagal ann gum feumadh an fheadhainn a chailleas an dreuchdan an t-eilean fhàgail son obraichean ùra a lorg.

Tha dragh ann gun cuireadh sin seirbheisean agus gnìomhachasan Chumaraidh ann an cunnart.

Tha luchd-iomairt air 10,000 ainm a chruinneachadh air ath-chuinge airson an stèisean a chumail.

Ach thuirt an oilthigh gun tòisicheadh pròiseas co-chomhairleachaidh mu chosnaidhean a ghearradh an t-seachdain seo mur a tèid freagairt maireannach a lorg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile