Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Màli

Tha am BBC a' tuigsinn gun tèid 40 comhairliche airm gu ruige Màli à Breatainn. Tha dùil gun tèid aonta a ruighinn nas fhaide den là aig còmhraidhean sa Bhruiseal. Aig an aon àm thuirt an Fhràing gu bheil na saighdearan aice air smachd a ghabhail air baile Timbuktu ann an ceann a tuath Mhàli. Tha e air a thuigsinn gun do chuir na reubaltaich a bha mar thà air sgrios a dhèanamh air togalaichean aosmhor sa bhaile teine ri togalach far an robhar a' stòradh nam milleanan sgìobhainnean eachdraidheil.

Atharrachadh na Sìde

Thàinig rabhadh gur dòcha nach coilean Alba targaidean eadar-nàiseanta airson smachd fhaighinn air mar a tha an aimsir ag atharrachadh. Dh'aontaich Holyrood ann an 2009 ri targaid dùbhlanach airson gearradh air ais air gasaichean millteach. Bhon uair sin ge-tà tha an Riaghaltas air aideachadh gu bheil àrdachadh air tighinn air na tha Alba a' sgaoileadh de ghasaichean càrboin. Mìnichidh Ministear na Sìde, Pòl Wheelhouse an-diugh na nì e airson dèanamh cinnteach gun tèid na targaidean sin a ruigheachd.

An Apainn

Chaidh fear a bhàsaich anns an Apainn nuair a chaidh bualadh ann le dealanaich ainmeachadh mar Timothy Boyd, aois 54. Bha Mgr Boyd, a bha pòsta le dithis chloinne ann am Port na h-Apann, na eòlaiche-saidheans aig ionad saidheans mara na h-Alba faisg air an Òban. Chaidh a mharbhadh Là na Sàbaid nuair a chaidh a leagail le peilear tàirneannaich 's e a' coiseachd air Drochaid Iùbalaidh faisg air Caisteal an Stalcaire.

Prìsean Thaighean

Thuit prìsean thaighean ann an Alba an-uiridh a rèir àireamhan ùra. Thairis air a' bhliadhna thàinig a' phrìs chuimiseach sìos 1.5%. 'S e Siorrachd Dhùn Bhreatann an Ear an àite as daoire airson taigh a cheannach, le Siorrachd Àir an Ear am measg nan sgìrean as saoire.

SAC

Thuirt a' bhuidheann SHAMED, a tha ag iomairt an aghaidh a bhith a' stèidheachadh Sgìre Ghlèidhte Mara ann an Caolas Bharraigh gu bheil dòchas ùr aca an dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn mu mar a bhios na sgìrean gan riaghladh. Thàinig am fiosrachadh ann am brath-naidheachd bho Dhualchas Nàdair na h-Alba 's iad ag ràdh nach e iadsan a bhios a' stiùireadh sgìrean SAC, ach feadhainn a bhiodh a' fuireach agus ag obair mu thimcheall orra.