Rabhadh mun aimsir sna h-Eileanan Siar

Tha rabhadh Òmair an sàs agus fìor dhroch aimsir air fàire feasgar Dimàirt sna h-Eileanan Siar.

Tha dùil gun ruig a' ghaoth eadar 75 agus 85 mìle san uair.

Ri linn sin chan fhàg bus poblach sam bith stad-bus às dèidh 6:00f.

Dùinidh ionadan spòrs ann an Leòdhas is na Hearadh aig 5:00f, le feadhainn ann an Uibhist is Barraigh a' dùnadh aig deireadh an là sgoile.

Tha cuideachd a h-uile cluba a th' air a ruith le sgoil às dèidh an là sgoile, air an cur dheth oidhche Mhàirt.

Tha dùil cuideachd ri làn gu math àrd agus fìor dhroch aimsir aig muir, agus gun toir sin buaidh air siubhail.