Bòrd na Slàinte a' rannsachadh ghearraidhean na Comhairle

Port-adhair Bheinn nam Fadhla Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Cha bhiodh an t-seirbheis a' ruith ach trì làithean san t-seachdain fo na molaidhean.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' rannsachadh an t-seòrsa bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig gearraidhean a tha san amharc aig a' Chomhairle air na seirbheisean aca.

Tha dragh am measg mhuinntir Uibhist is Bharraigh mu mholaidhean airson gearraidhean ann an seirbheisean adhair, is mar a bhuaileadh sin air seirbheisean slàinte.

Tha na ceithir comhairlean coimhearsnachd ann an Uibhist air sgrìobhadh chun a' Bhùird Shlàinte gus coinneamh iarraidh mun ghnothach.

"Bha coinneamhan co-chomhairleachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar a-bhos an seo na bu tràithe den mhìos seo," thuirt cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath, Sìne Stiùbhart.

An aon sheirbheis

"Agus aig na coinneamhan a bha sin, chaidh innse dhan t-sluagh a bha an làthair gu bheil dùil aig a' Chomhairle an taic-airgid a tha iad a' toirt seachad airson seirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a ghearradh.

"Agus an àite a' chòig là a tha i air a ruith an-dràsta, nach biodh an t-seirbheis a' ruith ach airson trì làithean.

"Bha a h-uile duine a bha an làthair 's dragh mòr orra dè a' bhuaidh a bheir sin air seirbheisean slàinte do mhuinntir Uibhist.

"Tha seo cudromach airson slàinte oir tha tòrr dhaoine air ais 's air adhart air a' phlèana a' dol suas gu coinneamhan-dotair ann an Steòrnabhagh, agus tha e cudromach gum faigh daoine suas agus air ais anns an aon là, agus tha sin a' tachairt an-dràsta, gu beagnaich.

"Tha e cudromach nach caill sinn a-mach, gum faigh sinn an aon sheirbheis 's a tha coimhearsnachdan eile sna h-eileanan, mar eisimpleir Leòdhas is na Hearadh, a' faighinn.

"Tha a h-uile duine a' faireachdainn uabhasach làidir mu dheidhinn sin," thuirt i.

Thuirt Bòrd na Slàinte gu bheil iad a' toirt sùil gheur air molaidhean na Comhairle agus a' bhuaidh a bheireadh iad air seirbheisean.

Thuirt iad gu bheil gearraidhean ann an seirbheisean adhair mar phàirt den obair seo, agus gu bheil iad an dòchas an sgrùdadh aca a thoirt gu crìch an ceann cola-deug.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile