Stoirm air damaiste a dhèanamh air dachannan

Cron air taigh ann an Càrlabhagh Image copyright Stephen MacLeod
Image caption Thàinig similear a-nuas air taigh ann an Càrlabhagh an Leòdhas.

Tha stoirm is gèile air a bhith a' ragadh chinn a tuath agus taobh an iar na h-Alba.

Chaidh a' ghaoth a chlàradh aig 84msu ann an Uibhist a Deas.

Chaidh na h-uidhir de dhamaiste a dheanamh air dachannan.

Chaidh ceann taighe anns an t-Òb anns na Hearadh a leagail air taigh ri a thaobh, agus thàinig similear a-nuas air taigh ann an Càrlabhagh, a' milleadh an t-seòmair ionnlaid. Chan eil dùil gun deach duine a ghoirteachadh.

Tha na h-uidhir de rathaidean agus cabhsairean anns na h-Eileanan Siar air an dùnadh. Tha Poilis a' Chinn a Tuath ag ràdh gu bheil an aimsir a' toirt buaidh air a h-uile rathad sna h-eileanan, le siaban na mara a' tighinn tarsainn air gu leòr dhiubh agus sprùilleach na chois.

Tha rabhaidhean an sàs airson cuid mhath de Bhreatainn a-steach gu madainn Diciadain, le dùil ri dàil is buaireadh air siubhail.