Bàta-teasairginn a' toirt ban-Mhuileach dhan ospadal tro stoirm

Chaidh bàta-teasairginn an Òbain a ghairm oidhche Chiadain airson cobhair a dhèanamh air boireannach aosta à Muile às dèidh dhi fàs meadhanach.

Chaidh an soitheach le dithis neach-eiridinn air bòrd gu muir mu 7:00f, 's an droch shìde a' ciallachadh nach robh dòigh eile ann airson am boireannach, a tha na 90an, fhaighinn dhan ospadal san Òban.

A dh'aindeoin a' ghaoth a bhith aig neart a naoi aig amannan, chaidh aca air am boireannach a ghiùlain air ais gu Tìr Mòr.

Tha cobhair ga dhèanamh oirre ann an Ospadal an Òbain, Latharna agus nan Eilean.