Glèidhear Oifis Puist Cheann a' Bhàigh ann an Steòrnabhagh

Chuir Oifis a' Phuist às do phlana airson tè de na h-oifisean aca ann an Steòrnabhagh a ghluasad.

Bha ceannardan na seirbheis air moladh an oifis aca ann an Ceann a' Bhàigh a ghluasad gu stèisean connaidh Engebret's air taobh thall a' bhaile.

Bha dragh air cuid gum fàgadh sin nach biodh cothrom furasta aig seann daoine air oifis puist airson am peinsean aca a thogail, leis gum feumadh cuid aca coiseachd, no tacsaidh fhaighinn mu mhìle 's air ais.

Ann am brath-naidheachd thuirt Oifis a' Phuist, às dèidh dhaibh beachd an t-sluaigh a shireadh air a' chùis, gu bheil iad air co-dhùnadh Oifis Cheann a' Bhàigh fhàgail far a bheil i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile