Clàr RockNess air ainmeachadh
- Published
Bidh Basement Jaxx, Ellie Gouding, Madness agus a' bhuidheann dannsa-rap Example, a' cluich aig fèis chiùil RockNess na bliadhna seo.
A thuilleadh orra sin, chaidh fhoillseachadh gum bi The Vaccines, Bombay Bicycle Club, The Maccabees, Newton Faulkner, agus an còmhlan à Glaschu Camera Obscura a' nochdadh aig an fhèis.
Bidh an seinneadair Jessie Ware, a nochd aig cuirm 2013 Artists to Watch aig MTV ann an New York, ann cuideachd.
Tha RockNess air a chumail gach bliadhna ann an Dubhras, aig ceann an ear-thuath Loch Nis, eadar 7mh agus 9mh an t-Ògmhios.
"Tha mi fìor thoilichte a bhith ag innse nan ciad ainmean a bhios a' nochdadh aig a' phartaidh as t-Samhradh aig Loch Nis," thuirt stiùiriche na fèise, Jim King.
"Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh air cùl ghnothaichean gus clàr measgaichte de na h-actaichean as fheàrr a thoirt dhuibh, mar a bhiodh dùil an còmhnaidh aig RockNess," thuirt e.