Strì a' leantainn am Port Rìgh
- Air fhoillseachadh
Cumaidh luchd-strì airson bun-sgoil Ghàidhlig fa-leth ann am Port Rìgh orra a' cur ìmpidh air Comhairle na Gàidhealtachd am pròiseact a thòiseachadh nas tràithe na tha san amharc an-dràsta.
Cha bhi am pròiseact, a chosgadh còrr air £12m, anns a' phlana chalpa gu an ceann co-dhiù dà bhliadhna eile.
Thuirt luchd-iomairt gu bheil iad air an tàmailteachadh le mar a tha cuid air draghan a thogail mun sgeama air fad.
Nam measg tha beachd coilbh deasaiche a' Phàipeir Bhig an t-seachdain seo, a thuirt gum bu chòir coimhead as ùr air a' ghnothach leis gun cosg an sgoil na h-uidhir.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh