Lùghdachadh connaidh a bharrachd ga iarraidh
- Air fhoillseachadh

Iarraidh BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, air Riaghaltas Westminster sgeama faochaidh a' chonnaidh àrdachadh gu 7.5sg seach a 5sg a th' ann an-dràsta.
A' bruidhinn an dèidh coinneimh ann an Glaschu Diardaoin, a bha a' measadh soirbheachas an sgeama, thuirt e gun deach sealltainn gu bheil an sgeama nas saoire na bha dùil, agus mar sin gun gabhadh a leudachadh gun chosgais a bharrachd.
Tha an sgeama a' toirt lùghdachaidh air na phàigheas dràibhearan ann an sgìrean eileanach agus ann an sgìrean air Tìr Mòr a tha gam measg iomallach, ann an Cìs a' Chonnaidh, feuch cur an aghaidh mar a tha cosgais a' chonnaidh nas àirde anns na sgìrean sin.
Thuirt aithisg bho Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) an t-seachdain seo, gu bheil margaidh a' chonnaidh ann am Breatainn farpaiseach agus ag obrachadh mar is còir.
Tha an OFT a' dèanamh sgrùdaidh fa-leth ge-tà, air margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar, feuch a bheil farpais gu leòr ann.