Gillean ùra gan iarraidh le luchd-iasgaich

  • Air fhoillseachadh
Iasgach slaiteTùs an deilbh, Des Colhoun / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha bursaraidh ùr ga chur air dòigh feuch daoine òga a thàladh gu bhith nan gillean iasgaich.

Tòisichidh seusan iasgaich a' bhradain air Uisge Dhè Dihaoine.

Thèid iomairt cuideachd a chur air bhog airson dhaoine òga a thàladh gus obair a' ghille ionnsachadh.

Tha an fheadhainn a tha a' stiùireadh an iasgaich air Uisge Dhè ag ràdh nach eil càil ceàrr air an luchd-obrach a th' aca agus gur ann a tha na ghillean aca a' dèanamh obair fìor mhath.

Ach tha a' mhòr-chuid dhiubh nas sine na 50.

Tha an aon rud fìor a thaobh nam prìomh aibhnichean eile ann an Alba.

Tha 150 bliadhna ann bho chaidh Bòrd Iasgaich Dhè a stèidheachadh, agus airson sin a chomharrachadh, thèid bursaraidh ùr a chur air dòigh ann an oidhirp luchd-obrach nas òige a thàladh.

Thuirt stiùiriche na h-aibhne, Mark Bilsby, gu bheil piseach a' tighinn air stoc a' bhradain agus gu bheil e riatanach luchd-obrach ùr a thàladh cuideachd airson an t-iasgach a dhèanamh seasmhach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh