Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh na h-Alba

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun tàinig fàs 0.6% air eaconamaidh na h-Alba eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain an-uiridh - rud a tha a' ciallachadh gun do thog an eaconamaidh a-mach à crìonadh fad naoi mìosan. Bha tionnsgalachd suas, ach gnìomhachas an togail fhathast sìos. Dh'fhàs eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte 0.9% anns an aon ùine, le cuideachadh bho na Geamaichean Oilimpigeach.

Coirbteachd

Chuir Poilis ann an Lunnainn duine an grèim agus iad a' rannsachadh pàigheadh coirbte do dh'oifigich phoblach. Tha an duine, a tha 33 bliadhna de dh'aois, na oifigear poilis ag obair do Scotland Yard ann am meadhan Lunnainn.

Meacsago

Chaidh 25 duine a mharbhadh agus mòran a leòn ann an spreadh ann am Mexico City. Chan eil e follaiseach fhathast dè rinn an spreadh aig oifis na companaidh ola stàite, Pemex.

Na h-Eileanan Fàclannach

Tha Oifis nan Dùthchannan Cèine a' beachdachadh air an ath-cheum dhaibh an dèidh do dh'Argentina tarraing a-mach à coinneimh ann an Lunnainn an ath-sheachdain mu shuidheachadh nan Eileanan Fàclannach. Thuirt Argentina nach bi iad ann, seach gum biodh riochdairean ann cuideachd às na h-Eileanan Fàclannach, agus nach gabh iad ri coinneimh ri duine eile ach Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague.

Siria

Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Hillary Clinton, a tha a' fàgail na dreuchd sin an-diugh, gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil Ioran a' cur taic agus armachd ris a' Cheann-suidhe Assad ann an Siria. Thuirt i gu bheil suidheachadh Siria na adhbhar dragh do dh'Aimeireaga, ach gun do rinn ise na b'urrainn dhi.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha na h-aonaidhean a' cur teagamh ann an ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd, a thuirt nach toir tuilleadh ghearraidhean buaidh air seirbheisean poblach. Thug na ceannardan fiosrachadh an-dè do luchd-naidheachd mu luach £24m de ghearraidhean thairis air dà bhliadhna. Falbhaidh faisg air 150 cosnadh, agus bidh gearradh 3% ann do thaic-airgid na Comhairle do bhuidhnean taobh a-muigh na Comhairle. Thuirt an t-aonadh Unison gun toir sin droch bhuaidh air seirbheisean, gun ghuth gum feum iad luach £3m de ghearraidhean a chur an sàs fhathast.

Sgeama Faochaidh a' Chonnaidh

Thèid iarraidh air an Riaghaltas faochadh connaidh anns na h-Eileanan agus na sgìrean iomallach àrdachadh bho 5sg gach liotair gu 7.5sg. Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, ag ràdh nach bu chòir gun cosgadh sin sgilinn a bharrachd dhan Riaghaltas an dèidh dha tighinn am follais gu bheil cosgais na sgeama £1,700,000 nas lugha na bha dùil.